Tha Chrissy Crowley na neach-ciùil traidseanta as ùr a th’ air tighinn a-mach a’ Cheap Breatainn, Canada, agus tha comas iongantach, agus fìor mhath aice ri chluich. Tha Chrissy na fidhlear traidiseanta, agus na neach-clàraidh a th’ air a’ cheud clàr cruinn a chur a-mach o chionn ùine ghoirid.

Rugadh Chrissy ann an 1990, agus chaidh a togail ann am Margaree ann an Alba Nuadh, Canada, àite làn dualchas cheòlach a tha cudromach do mhuinntir an àite seo. Tha an ceòl na h-àite seo air tighinn bho’n Ghaidhealtachd, Èirinn, agus Fraing. Tha Christine Crowley às a’ ghinealach ùr dhe fidhlearan. Thug na luchd-ciùil bho’n t-àm seachad buaidh mòr oirre is air a' cheòl aice. Tha greim math aig Chrissy air ceòl na dualchas cheilteach aice, le blas aice fhein air a' cheòl seo.